Mar thoradh dùnadh an API Dark Sky le Apple an-dè, tha mi air Aimsir.scot a ghluasad dhan API bho Phirate Weather. Tha an API seo fhathast fo leasachadh ge-tà agus mar sin ma dh’fhaoidte nach obaraich Aimsir.scot mar bu chòir o àm gu àm.
Còdachadh
-
Aimsir.scot – Seirbheis aimsir Ghàidhlig
Ma dh’fhaoidte gum bi cuid dhuibh eòlach air an aplacaid aimsire air leth Dark Sky, uill tha mi air seirbheis aimsir Ghàidhlig a chruthachadh leis an API aca agus i a‑nis beò aig Aimsir.scot.
Ùrachadh: 12mh Am Màrt 2020
Gabhaidh a cleachdadh sa Gaeilge a-nis!
Bu toigh leam Gàidhlig Mhanainn a chur rithe cuideachd. Cuir fios thugam ma bhios tu deònach mo chuideachadh leis an eadar-theangachadh.
Fediverse Reactions
-
Obair-taighe
Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.
Mar a sgrìobh mi na bu tràithe am-bliadnha, tha mi air Geidh.uk a ghluasad bho WordPress gu Jekyll agus mar phàirt dhen sgioblachadh seo tha mi air a’ chòd a thoirt gu bun-tomhas gus an gabh a chleachdadh air làraichean-lìn Jekyll eile gun a bhith ga dheasachadh mòran.
Ma tha neach sam bith agaibh airson a chleachdadh gus blog Jekyll a chruthachadh dhaibh fhèin, tha mi air teamplaid a chur suas air GitHub a ghabhas a chleachdadh no a dheasachadh an-asgaidh.
Ma tha sibh airson eisimpleir beò fhaicinn ro-làimh, tha mi air an còd ùr a chur an gnìomh mar-thà aig Geidh.uk, AtUG.uk agus mo bhlog.
Fediverse Reactions
-
Còdachadh: Cuimhneachain
Seo agaibh sealladh air aon de na h-aplacaidean shìmplidh air a bheil mi a’ leasachadh fhad ’s a tha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn còdachadh airson iOS.
‘S ann airson adhbharan ionnsachaidh a tha mi a’ cruthachadh na h-aplacaidean seo ’s mar sin chan eil mi an dùil gun leig mi mu sgaoil iad ach nam bu toigh leat gin dhiubh fhaicinn san App Store, cuir fios thugam.
Fediverse Reactions